Chan eil mòran a’ mothachadh gu bheil Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air a bhith air aon de na roinnean as luaithe a chaidh a leasachadh ann am foghlam na h-Alba ann an còrr is 23 bliadhna.
An lùib an leasachaidh luath seo tha iarrtas a’ fàs airson luchd-teagaisg Gàidhlig – agus cuideachd airson feadhainn le comas cuspairean na h-àrd-sgoile a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Aig an àm seo, tha 14 ùghdarrasan foghlaim ionadail a’ tairgse Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus tha Riaghaltas na h-Alba air cur romhpa teagasg Gàidhlig a leudachadh air feadh Alba. Tha seo a’ ciallachadh iomadh cothrom ann an:
- Teagasg tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean-àraich is bun-sgoiltean
- Teagasg Gàidhlig mar dhara cànan ann am bun-sgoiltean
- Teagasg tro mheadhan na Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean ann an raon de chuspairean mar Cruinn-eòlas, Nuadh-eòlas, Eachdraidh, Matamataig, Eaconamas Dachaigh agus Saidheans
- Teagasg Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean do dh’fhileantaich agus feadhainn ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig
- Teagasg Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean do luchd-ionnsachaidh
Tha cothrom aig luchd-teagaisg a tha an-dràsta ann am bun-sgoiltean, Gàidhlig a theagasg mar dhara cànan tron phrògram CPD Gàidhlig dha Luchd-ionnsachaidh anns na Bun-sgoiltean.
Agus…
- Tha feum aig Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air an aon bhun-stèidh taice ri foghlam Beurla. Mar sin tha feum air proifeiseantaich mar eòlaichean-inntinn foghlaim, leasaichean cainnte agus luchd-cuideachaidh anns an t-seòmar-teagaisg
Cothroman Obrach Làithreach
Airson liosta shlàn de chothroman obrach làithreach, gliogaibh an seo.
Lìbhrigeadh Foghlaim Gàidhlig
Tha iomadh àite an Alba a’ tairgse foghlam Gàidhlig – seo na h-àireamhan:-
14 ùghdarrasan ionadail a’ lìbhrigeadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
61 bun-sgoil a’ lìbhrigeadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
20 àrd-sgoil a’ lìbhrigeadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
37 àrd-sgoiltean a’ lìbhrigeadh chlasaichean Gàidhlig son luchd-ionnsachaidh
56 àite clàraichte son Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a thoirt do chloinn fo aois sgoile
Son liosta slàn dhiubh sin, thoir sùil air a’ Mhap.





