Gabh an Cothrom
Cothroman Obrach Làithreach

A' sealltainn 1 obraichean de gach seòrsa


Tidsear Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig (2 dhreuchd)
Bun-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Tha Comhairle Bhaile Ghlaschu a' sireadh dà Thidsear tro Mheadhan na Gàidhlig aig Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. 1 dreuchd làn-thìde agus 1 dreuchd pàirt-thìde(0.4 suas gu an t-Ògmhios 2011). Feumar a bhith fileanta agus litearra sa Ghàidhlig airson nan dreuchdan seo. Airson tuilleadh fiosrachaidh cur fios gu ceannard na sgoile an Dr Donalda NicComb air 0141 276 8500. Mus tèid dreuchd a dhearbhadh nithear làn-sgrùdaidh a-thaobh clàran-eu-coireach tro Disclosure Scotland.