Ma tha thu air d’ inntinn a dhèanamh suas gum bu toigh leat a bhith teagasg Gàidhlig, tha iomadh slighe fosgailte dhut airson a bhith ag obair ann am foghlam ro-sgoil, bun-sgoile no àrd-sgoile.
Ma tha thu a’ beachdachadh cur a-steach airson cùrsa trèanaidh luchd-teagaisg, feumaidh feartan bunaiteach a bhith agad a-rèir iarrtais a’ chùrsa. Tha e cuideachd deatamach gum biodh beagan eòlais agad air a bhith ag obair le cloinn agus, mas urrainn, a bhith air dòighean teagaisg fhaicinn.
Gheibheadh tu an t-eòlas seo le bhith ag obair gu saor-thoileach ann an sgoiltean na sgìre no ann am buidhnean eile tha ag obair le cloinn. Airson obair shaor-thoileach a dhèanamh, bhiodh sgoiltean ag iarraidh air tagraichean barantas Foillseachadh Alba fhaighinn ro làimh, agus faodar seo iarraidh aig http://www.disclosurescotland.co.uk
Feumaidh tu a bhith fileanta anns a’ chànan, airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Feumaidh tu a bhith air do chlàradh aig Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba agus do chìsean clàraidh a phàigheadh gach bliadhna airson teagasg ann an Alba.