Ma ’s e gur e teagasg san àrd-sgoil bu chòir co-dhiù 80 creideis oilthighe a bhith agad sa chuspair – no cuspairean – a tha thu airson a bhith a’ teagasg. Tha seo a’ ciallachadh ma ’s e ’s gu bheil thu airson Gàidhlig a theagasg, bu chòir dhut a bhith air Gàidhlig a dhèanamh san oilthigh. Feumaidh co-dhiù 40 creideis a bhith bho ìre na dàrna bliadhna no às àirde. Bhiodh agad an uairsin cùrsa for-cheum a dhèanamh ann am foghlam (PGDE).
’S e roghainn eile a bhiodh agad an cùrsa MA Gàidhlig le Foghlam a dhèanamh. Air a’ chùrsa seo bidh thu a’ dèanamh modailean Gàidhlig airson dà bhliadhna mus dèan thu dà bhliadhna de mhodailean foghlaim.
Ma tha thu airson cuspair eile a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil, bu chòir dhut an cuspair sin a leughadh san oilthigh. Bhiodh e feumail dhut Gàidhlig a dhèanamh cuideachd.
Cuimhnich ma ’s e ’s gu bheil thu air dà chuspair no barrachd a leughadh gu ìre àrd gu leòr, dheagh ort air na cuspairean gu lèir sin a theagasg – gad dhèanamh nas tarraingeachd gu sgoiltean nuair a tha thu a’ lorg obair!
Airson tuilleadh fiosrachaidh faic Cùrsaichean Teagaisg.