Do dh’oileanaich à Alba, no bho dhùthaich eile san Aonadh Eòrpach, mar as trice pàighidh SAAS cìsean a’ chùrsa. Dh’fhaodadh cuideachd gum faigheadh tu iasad oileanach.
Ma ’s e ’s gur ann à Sasainn a tha thu, no à dùthaich eile taobh a-muigh an Aonadh Eòrpach, dh’fhaodadh gum bi agad ri na cìsean agad fhèin a phàigheadh
Tha sgeama taic aig Bòrd na Gàidhlig airson oileanaich a tha air cùrsa teagaisg Gàidhlig. Dh’fhaodadh gum bi taic ri fhaotainn mu choinneamh cìsean a’ chùrsa agus airson bursaraidhean beaga cuideachd.