Feumaidh luchd-teagaisg àrd-sgoile deagh bhun-stèidh a bhith aca anns a’ chuspair (no cuspairean) a tha iad airson a bhith a’ teagasg. Ma tha thu airson a bhith a’ teagasg san àrd-sgoil bu chòir ceum a bhith agad anns a’ phrìomh chuspair a tha thu gu bhith a’ teagasg agus na cuspairean a barrachd a’ leughadh san oilthigh airson co-dhiù dà bhliadhna.
Tha sin a’ ciallachadh ma ’s e ’s gu bheil thu airson Gàidhlig agus Cruinn-eòlas a theagasg, bidh agad ris an dà chuspair a dhèanamh san oilthigh – co-dhiù aon gu ìre ceum agus co-dhiù dà bhliadhna dhen chuspair eile. Bhiodh agad an uairsin cùrsa for-cheum a dhèanamh ann am foghlam (PGDE).
’S e an roghainn eile an cùrsa MA Gàidhlig le Foghlam a dhèanamh. Air a’ chùrsa seo bidh tu a’ dèanamh modailean Gàidhlig airson dà bhliadhna agus an uairsin dà bhliadhna de mhodailean foghlaim.
Ma ’s e ’s gu bheil thu airson cuspair eile a theagasg tron Ghàidhlig, m.e Cruinn-eòlas, Saidheans no Matamataig, bu chòir dhut an cuspair sin a dhèanamh san oilthigh. Bhiodh e feumail, ged nach eil e riatanach, Gàidhlig a leughadh san oilthigh.
Thathas a’ tabhann cùrsaichean teagaisg àrd-sgoile aig:
Oilthigh Obar Dheathain
Oilthigh Shrath Chluaidh
Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean
Thèid ort air cuid de na cùrsaichean seo a dhèanamh aig astar no pàirt-ùine.
Airson tuilleadh fiosrachaidh faic Cùrsaichean Teagaisg.