School Pupil

Sgoilearan

A bheil ùidh agad ann an teagasg?

A’ chiad cheum…

’S e a’ chiad cheum beachdachadh air càite anns an t-siostam sgoile a bu mhath leat a bhith a’ teagasg.

An toigh leat a bhith a’ dèiligeadh ri clann òg? Ma-thà gur dòcha gur e sa sgoil-àraich no aig ceann-shìos na bun-sgoile an t-àite a b’fheàrr dhut.

No ’s dòcha gu bheil ùidh agad ann an a bhith a’ libhrigeadh iomadach chuspair thar na curaicealam do chloinn agus ann a bhith a’ dèiligeadh gu làitheil ri clann aig diofar ìrean bho aois 5 gu 11?  Air an t-seadh sin’s e a’ bhun-sgoil a bu fhreagarraiche dhut!

Airson cothrom fhaighinn a bhith an-sàs gu domhainn ann an aon chuspair, leithid Gàidhlig b’fheàrr a dhol dhan àrd-sgoil. Dè chuspair as fheàrr leat sa sgoil?  Bheil fhios agad a bharrachd air a bhith a’ teagasg Gàidhlig mar chuspair fhèin gu bheil cuideachd cothroman ann cuspairean eile a theagasg tron chànan?  M.e. Cruinn-eòlas; Saidheans, Fraingis no Matamataic!