Dachaigh > Pàrantan > FAQs

Cuspairean

Ma tha ùidh aig do chuid phàiste ann an teagasg bu chòir moladh dhaibh leantainn orra le Matamataic gu co-dhiù an ìre choitcheann agus Beurla gu co-dhiù àrd-ìre.

Feumaidh Beurla aig àrd-ìre a bhith aig a h-uile neach-teagaisg gum bith cò an ìre aig a bheil iad a’ teagasg agus barantas ann an Matamataic le ìre creideis (1/2) aig an ìre choitcheann (no teisteanas an urra ris a seo) a bhith aig luchd-teagaisg bun-sgoile cuideachd.

Bidh suas ri 4 teisteanasan àrd-ìre a dhìth orra a-rèir ’s cò an cùrsa agus an t-slighe gu teagasg a thaghas iad.

Feumaidh na sgilean leughaidh, labhairt agus sgrìobhaidh Gàidhlig aca a bhith aig ìre gu math àrd airson a bhith a’ teagasg tron chànan. Air an adhbhar sin, dh’fhaodadh gum bi teisteanasan sa chànan feumail cuideachd. Ma ’s e ’s nach eil do phàiste buileach fileanta fhathast, tha gu leòr ann a dh’fhaodadh tu dèanamh gus am brosnachadh ìre fileantas a ruighinn. Tadhail air A’ toirt Piseach air do chuid Gàidhlig airson tuilleadh fiosrachaidh.