Feumaidh neach-teagaisg àrd-sgoile deagh bhun-stèidh anns a’ chuspair (no cuspairean) a tha iad airson a bhith a’ teagasg. Bu chòir ceum a bhith aca anns a’ phrìomh chuspair a tha iad gu bhith a’ teagasg agus na cuspairean a barrachd a’ leughadh san oilthigh airson co-dhiù dà bhliadhna.
Tha sin a’ ciallachadh ma ’s e ’s gu bheil iad airson Gàidhlig agus Cruinn eòlas a theagasg, bidh aca ris an dà chuspair a dhèanamh san oilthigh – co-dhiù aon gu ìre ceum agus co-dhiù dà bhliadhna dhen chuspair eile. Bhiodh aca an uairsin cùrsa for-cheum a dhèanamh ann am foghlam (PGDE).
’S e roghainn eile an cùrsa MA Gàidhlig le Foghlam a dhèanamh. Air a’ chùrsa seo bidh iad a’ dèanamh modailean Gàidhlig airson dà bhliadhna agus an uairsin dà bhliadhna de mhodailean foghlaim.
Ma ’s e ’s gu bheil iad airson cuspair eile a theagasg tron Ghàidhlig, m.e Cruinn-eòlas, Saidheans no Matamataig, bu chòir dhaibh an cuspair ’ud a dhèanamh san oilthigh. Bhiodh e feumail, ged nach eil e riatanach, Gàidhlig a leughadh san oilthigh.
Cuimhnich ma ’s e ’s gu bheil iad air dà chuspair no barrachd a leughadh gu ìre àrd gu leòr, agus gu bheil teisteanas aca ann an da chuspair a theagasg tha sin gan dèanamh nas tarraingeachd gu sgoiltean nuair a tha thu a’ lorg obair!
Thathas a’ tabhann cùrsaichean teagaisg àrd-sgoile aig:
Oilthigh Obar Dheathain
Oilthigh Shrath Chluaidh
Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean
Thèid ort air cuid de na cùrsaichean seo a dhèanamh aig astar no pàirt-ùine.
Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh aig duilleag nan cùrsaichean teagaisg.