Current Teachers

Pàrantan

A bheil ùidh aig do phàiste ann an teagasg? An seo gheibh thu fiosrachadh dha do phàiste gus an cuideachadh air an t-slighe gu teagasg tron Ghàidhlig.

A’ chiad cheum…

’S e a’ chiad cheum toirt air do phàiste beachdachadh air càite anns an t-siostam sgoile a bu mhath leotha a bhith a’ teagasg.

Bheil iad math le bràthair, piuthar, co-oghaichean no caraidean a tha nas òige? Ma-thà gur dòcha gur e sa sgoil-àraich no aig ceann-shìos na bun-sgoile an t-àite a b’fheàrr dhaibh.

No ’s dòcha gu bheil ùidh aca ann an a bhith a’ libhrigeadh iomadach chuspair thar na curaicealam do chloinn agus ann a bhith a’ dèiligeadh gu làitheil ri clann aig diofar ìrean bho aois 5 gu 11?  Air an t-seadh sin’s e a’ bhun-sgoil a bu fhreagarraiche dhaibh!

Airson cothrom fhaighinn a bhith an-sàs gu domhainn ann an aon chuspair, leithid Gàidhlig b’fheàrr dhaibh a dhol dhan àrd-sgoil. Dè chuspair as fheàrr leotha sa sgoil?  Bheil fhios agad a bharrachd air a bhith a’ teagasg Gàidhlig mar chuspair fhèin gu bheil cuideachd cothroman ann cuspairean eile a theagasg tron chànan?  M.e. Cruinn-eòlas; Saidheans, Fraingis no Matamataic!

A beachdachadh air teagasg thu fhèin? Tha cuid a chùrsaichean ri fhaotainn aig astar, ga dhèanamh nas fhasa do phàrantan trèanadh a dhèanamh mar thidsear.  ’S e deagh dhreuchd do phàrantan a tha ann an teagasg air iomadach dhòigh.  ’S e cùrsa trang a tha ann an teagasg, ach gheibhear tòrr as.  Mus tèid thu air adhart dhan chùrsa, bu chòir smaoineachadh gu cruaidh an tèid agad an ùine a chosg air.  Dh’fhaodadh cuideachd gum bi agad ri siubhal airson an trèanadh agus na greisean-gnìomhachais agaibh.

Tadhail air an earrann Teagasg – Dreuchd Ùr airson tuilleadh fiosrachaidh.