Buannachdan
Tha toileachadh àraidh an lùib a bhith ag obair nad tidsear. Tha mòran meas agus urram air an dreuchd shònraichte seo. Tha teagasg Gàidhlig a’ dol ceum nas fhaide – gach buannachd a tha a’ tighinn bho theagasg, còmhla ris an fhiosrachadh gu bheil thu a’ cuideachadh gus inbhe na Gàidhlig an Alba a chumail tèarainte agus a’ toirt barrachd chothroman do dhaoine a’ chànan ionnsachadh.
Seo blas de na tha ga thairgse:
Le bhith ag oideachadh feadhainn a bhruidhneas Gàidhlig anns an àm ri teachd, cha bhi thu a-mhàin a’ cruthachadh ginealach misneachail dà-chànanach, ach cuideachd a’ brosnachadh an ath ghinealaich gus cànan is cultar na Gàidhlig, a tha sònraichte ann an Alba, a ghleidheadh.
Iarrtas is Cothroman obrach
Tha iarrtas nam pàrantan air Gàidhlig an Alba, mar a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ sìor fhàs agus mar an àireamh de sgoiltean Gàidhlig a leudachadh a’ ciallachadh gu bheil cothroman obrach airson luchd-teagaisg a tha air an ùr uidheamachadh airson na dreuchd gu math pailt.
Brùth an seo airson cothroman obrach ann an foghlam Gàidhlig fhaicinn.