Mu Fhoghlam Gàidhlig
’S e sgeulachd shònraichte agus shoirbheachail a th’ann am foghlam Gàidhlig ann an Alba agus tha na h-àireamhan a’ dol suas gach bliadhna.
An lùib an leasachaidh luath seo tha iarrtas a’ fàs airson luchd-teagaisg Gàidhlig – agus cuideachd airson feadhainn le comas cuspairean na h-àrd-sgoile a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Aig an àm seo, tha 14 ùghdarrasan foghlaim ionadail a’ tairgse Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus tha Riaghaltas na h-Alba air cur romhpa teagasg Gàidhlig a leudachadh air feadh Alba. Tha seo a’ ciallachadh iomadh cothrom ann an:
- Teagasg tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean-àraich is bun-sgoiltean
- Teagasg Gàidhlig mar dhara cànan ann am bun-sgoiltean
- Teagasg tro mheadhan na Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean ann an raon de chuspairean mar Cruinn-eòlas, Nuadh-eòlas, Eachdraidh, Matamataig, Eaconamas Dachaigh agus Saidheans
- Teagasg Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean do dh’fhileantaich agus feadhainn ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig
- Teagasg Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean do luchd-ionnsachaidh
Tha cothrom aig luchd-teagaisg a tha an-dràsta ann am bun-sgoiltean, Gàidhlig a theagasg mar dhàrna cànan tron phrògram Gàidhlig dha Luchd-ionnsachaidh anns na Bun-sgoiltean.
Tha feum aig Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air an aon bhun-stèidh taice ri foghlam Beurla. Mar sin tha feum air proifeiseantaich mar eòlaichean-inntinn foghlaim, leasaichean cainnte agus luchd-cuideachaidh anns an t-seòmar-teagaisg.
Airson tuilleadh fiosrachadh mionaideach mu fhoghlam Gàidhlig tadhail air: http://www.gaidhlig.org.uk/ga/obair-a-bhuird/foghlam-gaidhlig