Dachaigh > Fios as ùr

Dreach Ùr air teagasg.com

Thèid dreach ùr a chuir air an làrach-lìn teagasg.com.

Chaidh an làrach a chuir air bhonn an toiseach ann an 2008 mar phàirt den iomairt aig Bòrd na Gàidhlig gus aire dhaoine a tharraing chun nam buannachdan a tha ann an dreuchd ann an teagasg tron Ghàidhlig – Gabh an Cothrom.

Air an làrach ùr tha eadar-aghaidh sònraichte ann far an tèid agaibh air an t-slighe phearsanta agaibh gu teagasg tron Ghàidhlig a dhealbh, tha mapa ann a’ comharrachadh far a bheil na sgoiltean gu lèir a tha a’ tabhann foghlam Gàidhlig, a bharrachd air 19 bhideothan goirid anns a bheil tidsearan a’ mìneachadh na slighean diofraichte a ghabh iadsan gu teagasg tron Ghàidhlig. Tha cuideachd àite sònraichte ann air an làrach do ghabh diofar bhuidheann aig a dh’fhaodadh ùidh a bhith aca ann an dreuchd ann an teagasg (sgoilearan, oileanaich, luchd-teagaisg, pàrantan agus daoine a tha a’ sireadh dreuchd gu tur ùr ann an teagasg Gàidhlig.)

‘S iad Cànan, companaidh graphics Gàidhlig stèidhichte san Eilean Sgitheanach a ghlèidh a’ chùmhnant airson an làrach ùrachadh, agus ‘s iad Caledonia TV a rinn an bhideothan.

Bidh an làrach ri fhaotainn sa Bheurla agus sa Ghàidhlig agus thèid e beò anns na làithean a tha ri thighinn.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Morna NicLeòid, Oifigear Trusaidh Luchd-teagaisg Gàidhlig – .(JavaScript must be enabled to view this email address); 07901 558 138.