Dachaigh > Fios as ùr

Co-Labhairt Cheannardan - Glaschu

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur air dòigh an dara co-labhairt nàiseanta airson ceannardan sgoile air an 23 An Gearran 2012 ann an Taigh-Òsta Jurys, Glaschu.  Bidh cothrom aig ceannardan bho sgoiltean le solar foghlam Gàidhlig tighinn gu aon de na tachartasan, agus ‘s e amas na co-labhairt cothrom a thoirt do ceannardan tighinn còmhla agus beachdachadh air an taic a tha dhìth gus leasachadh a dhèanamh ann an foghlam Gàidhlig agus gus taic phractaigeach a thoirt do sgoiltean gus seo a dhèanamh.  Thèid lìonra steidheachadh cuideachd do cheannardan tro GLOW (http://bit.ly/gaelht1).

Ma tha ùidh agaibh anns an cho-labhairt luchdaich a-nuas agus lìonaibh a-staigh an foirm clàraidh agus an tillibh e gu Carol NicIain .(JavaScript must be enabled to view this email address).

Co-labhairt_Cheannardan_Glaschu_-_23-02-2012.pdf
Glaschu_23-02-2012_-_Claradh.doc