Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ lorg Neach-obrach Tràth-bhliadhnaichean airson Sgoil-àraich Lacasdail, Leòdhas. ‘S ann airson 15 uairean deug gach cola-deug a tha an dreuchd seo, agus bithear ag obair gach dàrna seachdain tron teirm. Airson tuilleadh fiosrachadh cliog an seo.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ sireadh Ceannard airson Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. ‘S e dreuchd maireannach a tha seo agus tha Gàidhlig riatanach air a son. Gheibhear foirmean tagraidh bho: Seirbheis Foghlaim, Cultar is Spòrs, Aonad Fastaidh, Ionad Inbhir Pheofharain, Rathad Pàirc an Iubailidh, Inbhir Pheofharain, IV15 9QZ. Àireamh-fòn: 01349 868660 (Seirbheis freagairt 24 uairean). Mus tèid dreuchd a dhearbhadh nithear làn-sgrùdadh a thaobh clàran eucoireach tro Disclosure Scotland. Tha diofar seòrsa taic ri fhaotainn tron Chomhairle airson cosgaisean gluasaid agus dh’fhaodadh gum biodh tagraiche soirbheachail airidh air cuid den sin.
Luchd-teagaisg Gàidhlig Eadar-amail – Na h-Eileanan an IarTha Comhairle nan Eilean Siar a’ lorg luchd-teagaisg Gàidhlig eadar-amail – bun-sgoil agus àrd-sgoil - air feadh nan Eilean Siar. Airson tuilleadh fiosrachaidh gliog an seo. Ceann-là: 6 An Gearran 2012.
Tidsear Meadhan na Gàidhlig – Sgoil ThiriodhThathas a’ sireadh Tidsear bun-sgoile airson Sgoil Thiriodh. ‘S ann airson còmhdach fòrladh màthaireil a tha seo a’ tòiseachadh san Fhaoilleach 2012. Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh brath gu Ceannard na Sgoile Myra McArtur: 01879220795, .(JavaScript must be enabled to view this email address)
Luchd-teagaisg Eadar-amail Comhairle Pheairt is Cheann RoisTha Comhairle Pheairt is Cheann Rois a’ lorg luchd-teagaisg bun-sgoile a tha fileanta ann an Gàidhlig agus aig a bhiodh ùidh ann a bhith ag obair gu h-eadar-amail ann am bun-sgoiltean na sgìre. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Chris Deplano, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig air F: 01738 477869 no p-d: .(JavaScript must be enabled to view this email address)
Tidsear Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig (eadar-amail) - Bun-Sgoil Ghàidhlig GhlaschuTha Comhairle Bhaile Ghlaschu a’ sireadh luchd-teagaisg a bhiodh ri fhaotainn airson obair eadar-amail aig Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Feumar a bhith fileanta agus litearra sa Ghàidhlig airson nan dreuchdan seo. Airson tuilleadh fiosrachaidh cur fios gu ceannard na sgoile an Dr Donalda NicComb air 0141 276 8500. Mus tèid dreuchd a dhearbhadh nithear làn-sgrùdaidh a-thaobh clàran-eu-coireach tro Disclosure Scotland.
Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ lorg luchd-teagaisg Gàidhlig eadar-amail – bun-sgoil agus àrd-sgoil - air feadh nan Eilean Siar. Airson tuilleadh fiosrachaidh gliog an seo. Ceann-là: 6 An Gearran 2012.
Tidsear Gàidhlig – Àrd-sgoil ÌleTha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ sireadh tidsear Gàidhlig làn-ùine airson Àrd-sgoil Ìle. Airson tuilleadh fiosrachaidh gliog an seo no cuir fios gu Dòmhnall MacLeòid air 01631 564908 no tro phost-dealain: .(JavaScript must be enabled to view this email address)