A’ toirt piseach air do chuid Gàidhlig

Ma tha thu air do chlàradh mar thidsear mar-thà, no ma tha ùidh agad teagasg a dhèanamh tha iomadh cùrsa rim faotainn airson do sgilean Gàidhlig a leasachadh gus am bidh i aig ire fhreagarrach airson obair ann am foghlam Gàidhlig.

Tha sùbailteachd gu leòr ann gus cothrom a thoirt dhut an t-ionnsachadh fhilleadh a-steach nad dhòigh-beatha.  Tha raon farsaing de phrògraman làn-ùine, pàirt-ùine agus aig astar air an ainmeachadh an seo.  A bharrachd air an sin tha ceanglaichean ann gu làraich-lìn eile a chuidicheas tu airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn.  Cuiridh am fiosrachadh a leanas air an t-slighe cheart thu gus dèanamh cinnteach gu bheil thu comasach anns a’ chànan agus eòlach air a’ chultar mus tòisich thu a’ toirt foghlam dhan ath ghinealach.