Ma ’s e ’s gur ann à Alba, no bho dhùthaich eile san Aonadh Eòrpach , mar as trice pàighidh SAAS na cìsean agad. Dh’fhaodadh cuideachd gum faigheadh tu iasad bhuapa.
Ma ’s e ’s gur ann à Sasainn a tha thu, no à dùthaich eile taobh a-muigh an Aonadh Eòrpach, dh’fhaodadh gum bi agad ri na cìsean agad fhèin a phàigheadh.
Tha sgeama taic aig Bòrd na Gàidhlig airson oileanaich a tha airson a bhith nan tidsearan Gàidhlig. Dh’fhaodadh gum bi taic ri fhaotainn mu choinneamh cìsean na cùrsa agus airson bursaraidhean beaga cuideachd.