A bheil thu a’ beachdachadh air dreuchd gu tur ùr ann an teagasg? Seo fiosrachadh dhuibh a bhios na chuideachadh agus thu a’ tòiseachadh air an t-slighe gu teagasg tron Ghàidhlig!
Bu chòir dhut an tòiseach beachdachadh air càite anns an t-siostam foghlaim a bu mhath leat a bhith a’ teagasg.
Bheil ùidh agad ann a bhith ag obair le clann òg? No ’s dòcha gu bheil ùidh agad ann an a bhith a’ libhrigeadh iomadach chuspair thar churaicealam do chloinn agus ann a bhith a’ dèiligeadh gu làitheil ri clann aig diofar ìrean bho aois 3 gu 11? Air an t-seadh sin ’s dòcha gur e teagasg sgoil àraich no bhun-sgoil a bu fhreagarraiche dhut-sa.
Am b’fheàrr ge-tà leat a bhith ag obrachadh le deugairean? ’S e an àrd-sgoil an t-àite dhutsa ma-thà! An seo gheibh thu cuideachd cothrom a bhith an-sàs gu domhainn ann an aon chuspair, leithid Gàidhlig. Tha cuideachd cothroman ann a h-uile cuspair den churaicealam a theagasg tron chànan; m.e. Cruinn-eòlas; Eachraidh, Nua-eòlas no Matamataic.
’S e cùrsa gu math tomadach a tha ann an cùrsa teagaisg, ach aig an dearbh àm tha iomadach buannachd na chois. Bu chòir cuideachd a bhith mothachail gur dòcha gum biodh agad ri siubhal airson cùrsa teagaisg a dhèanamh agus cuideachd airson greisean-gnìomhachais.
Thèid agad air cuid a chùrsaichean teagaisg a dhèanamh air astar, agus dh’fhaodadh gum biodh iad sin gu math freagarrach airson daoine a tha airson gluasad gu dreuchd gu tur ùr ann an teagasg.