Tha ùidh ann an cànan agus cultar eachdraidheil mar bhoillsgeadh grèine ann am Foghlam Gàidhlig – agus tha cothrom agad a bhith nad phàirt dheth. Cuir do thlachd agus do dhealas mu theagasg còmhla ri comas air a bhith cuideachadh gus meur shònraichte de dhualchas na h-Alba a ghleidheadh agus ath-bheothachadh. Co-dhiù tha thu an sàs ann am foghlam an-dràsta, a’ beachdachadh a bhith nad thidsear no a’ teagasg mar-thà, tha cothroman ann am foghlam Gàidhlig a neartaicheas barrachd air do dhreuchd.
An seo gheibh thu fiosrachadh sònraichte agus mionaideach mu theagasg Gàidhlig – na cùrsaichean trèanaidh a tha air an tairgse, taic-airgid a tha ri fhaighinn, agus cothroman-obrach a tha rin lìonadh – a bharrachd air eisimpleirean inntinneach. Leithid a dhualchas, leithid a dhìoghras, leithid a chothroman.
Cothroman Obrach Ùra
| Priomh Thidsear Gaidhlig | Ard-sgoil Port Righ, An t-Eilean Sgitheanach |
| Tha Ard-sgoil Phort Righ a' sireadh Priomh Thidsear Gaidhlig. Airson barrachd fiosrachaidh, cuiribh fon gu Comhairle na Gaidhealtachd, Seirbheis Foghlaim, Cultar agus Spors air 01349 868660. Ceann-latha mu dheireadh airson iarrtasan 19.12.08 | |
| Tidsear Gàidhlig (0.7fte) | Ard-sgoil Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach |
| Tha Ard-sgoil Phort Rìgh a' sireadh Tidsear Gàidhlig (0.7fte.) Airson an tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fòn gu Comhairle na Gaidhealtachd Seirbheis Foghlaim, Cultar agus Spòrs air 01349 868660 Ceann-là mu dheireadh airson iarrtasan 19.12.08. | |





