Ma tha thu son foghlam a leantainn, no tilleadh gu foghlam bho chosnadh pàirt-ùine no làn-ùine, tha e cudromach fios a bhith agad air dè an taic-airgid a tha ri fhaotainn. Seo pàirt de na tobraichean ionmhais a dh’fhaodadh taic a thoirt do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith ’g obair ann am Foghlam Gàidhlig.
Buidheann Tabhartais Oileanach na h-Alba
Taigh Gyleview
3 Redheughs Rigg
Gyle a Deas
Dùn Èideann
fòn: 0845 111 1711
post-d. : saas.geu@scotland.gsi.gov.uk
làrach-lin: www.saas.gov.uk
Tha am buidheann seo a’ toirt taic-airgid do dh’oileanaich a tha deònach a dhol gu cùrsaichean foghlaim aig àrd-ìre an Alba. Bu chòir do dh’oileanaich tagradh a chur thuca son cìsean teagaisg, iasadan no tabhartasan son an dà chuid cùrsaichean trèanaidh thidsearan agus cùrsaichean foghlaim Gàidhlig aig àrd ìre.
Comunn na Gàidhlig
5 Caol-shràid Mhìcheil
Inbhir Nis
1V2 3HQ
fòn: 01463 234138
post-d.: oifis@cnag.org.uk
larach-lin: www.cnag.org.uk/leasachadh/oigridh/taic.php
Tha sgeama bliadhnail aig Comunn na Gàidhlig son oileanaich a tha a’ dèanamh chùrsaichean adhartais agus cùrsaichean àrd-ìre Gàidhlig. Tha prìomhachas ga thoirt do dh’oileanaich air cùrsaichean trèanaidh thidsearan.
Urras Catrìona NicCaoig
Macleish Carsewell
29 St. Vincent Place
Glaschu G1 2DT
fòn: 0141 248 4134
post-d. : afw@mclc-law.co.uk
Tha Urras Catrìona NicCaoig a’ toirt bhursaraidhean do dh’oileanaich a tha tòiseachadh air cùrsaichean Gàidhlig ann an oilthigh an Alba.
Urras Brosnachaidh na Gàidhlig
Mairead Callan
Medrox Villa
Cnoc na h-Annaid
Siorrachd Lannraig
M15 2QG
fòn: 01236 879460
post-d. : uist1@aol.com
Tha Urras Brosnachaidh na Gàidhlig a’ cur taic ri raon de iomairtean Gàidhlig, nam measg oileanaich ann am foghlam làn-thìde.
Bu chòir dhaibhsan a tha am beachd a bhith nan oileanaich fios a chur chun na colaiste no an oilthigh far a bheil iad an dùil a dhol agus faighinn a-mach dè na tabhartasan no na bursaraidhean a tha rim faotainn.





