Gabh an Cothrom
Eisimpleirean


Angela NicDhòmhnaillAngela NicDhòmhnaill

Tidsear Ard-sgoile (Gàidhlig)

Haidh. Tha mise à Stafainn san Eilean Sgitheanach, far an do thogadh mi ann an teaghlach Gàidhlig agus far an deach mi do dh’Àrd-sgoil Phort Rìgh. Nuair a dh’fhàg mi an sgoil chaidh mi do dh’Oilthigh Obar Dheathain far an do cheumnaich mi le urram ann an Gàidhlig. An dèidh sin bha mi ag obair do Chomunn na Gàidhlig mar Oifigear Leasachaidh ann an Glaschu. Chòrd an dà bhliadhna sin rium gu mòr, ach bha mi riamh a’ smaoineachadh gum bu toigh leam a bhith teagasg. Chuir mi a-steach airson teagasg àrd-sgoile agus thòisich mi air PGDE (S) anns an Lùnastal 2006 ann an Cnoc Iòrdain an Glaschu.

Cheumnaich mi ann an 2006 agus roghnaich mi gun àite àraidh a thaghadh son a’ chiad bhliadhna, a’ ciallachadh gu robh mi ag aontachadh a dhol a dh’àite sam bith san dùthaich. An ceann beagan sheachdainean chaidh innse dhomh gun d’fhuair mi obair ann an Àrd-sgoil an Òbain.

Tha bliadhna thrang air a bhith agam san Òban. ’S e sgoil mhòr a th’ innte (1,100 sgoilear), ach tha a h-uile duine cho cuideachail. Tha roinn nan cànan sgoinneil, oir tha iad uile anabarrach taiceil. Feumaidh clann P7 Gàidhlig no Fraingis a ghabhail nuair a thòisicheas iad anns an sgoil agus tha mun a’ cheathramh cuid dhiubh a’ dèanamh Gàidhlig. An-dràsta tha mi a’ teagasg luchd-ionnsachaidh ann an S1, S2 agus S4 agus fileantaich ann an S1-S4. Is fìor thoigh leam a bhith teagasg an dà chùrsa oir tha eadar-dhealachadh mòr eatarra, o chlasaichean mòra son an luchd-ionnsachaidh gu feadhainn bheaga son nam fileantach. Tha thu air do chumail glè thrang fad na bliadhna le mòran obair pàipeir, deuchainnean, smachd, agus obair-dachaigh! Ach an dèidh sin a ràdh, tha teagasg a’ còrdadh rium gu mòr – tha a h-uile latha eadar-dhealaichte agus tha thu a’ faireachadh gu bheil thu a’ toirt buaidh mhòr air beatha nan sgoilearan.