Jan Kersel’S ann às a’ Chuimrigh a tha mi o thùs, ach tha mi air a bhith fuireach an Alba o chionn ochd bliadhna fichead agus air a’ chost an Iar son seachd bliadhna deug. Tha mi ag obair ann am bun-sgoil bheag dhùthchail – Àird Chatain faisg air an Òban an Earra-Ghàidheal. Tha dusan chloinne anns an sgoil o P1 gu P7. Tha mi ag obair pàirt-ùine anns an sgoil agus pàirt-ùine ag ullachadh ghoireasan son Gàidhlig anns a’ Bhun-sgoil. Tha mi a’ teagasg thar raon farsaing agus tha uallach orm son litreachadh is gràmar, matamataig pragtaigeach, Gàidhlig, ceòl (reacòrdair), ICT, sgoiltean-Eco agus club gàirnealaireachd.
Mu sheachd bliadhna air ais mhothaich sinn, ged a bha a’ chlann air P7 a’ cur eòlas air Fraingis, cha robh iad a’ tachairt ri Gàidhlig idir anns an sgoil. Bha seo a’ cur bacadh orra o bhith dèanamh roghainn fhiosrach air dè a’ chànan a ghabhadh iad nuair a rachadh iad do dh’Àrd-sgoil an Òbain. Cha robh eòlas sam bith agam fhèin no aig a’ cheannard-sgoile air Gàidhlig. Agus chaidh a mholadh gun gabhainn-sa an trèanadh son Gàidhlig anns a’ Bhun-sgoil a bha air ùr-thòiseachadh an siorrachd Earra-Ghàidheal is Bhòid aig an àm. Bha seo a’ toirt aon latha san t-seachdain fad fichead seachdain, a’ coinneachadh anns an Òban còmhla ris na h-oileanaich eile agus ris an oide Màiri NicFhionghain. ’S e dùbhlan a bh’ann a bhith ’g ionnsachadh Gàidhlig son a teagasg!
Bha an cùrsa tlachdmhor – dùbhlanach is spreigeil is cruaidh, ach air a bhuileachadh ann an dòigh a bha ga dhèanamh so-ruighinn is spòrsail. ’S e a’ chuid a b’ fheàrr a chòrd rium a bhith toirt an eòlais agus na sgilean ùra a dh’ionnsaich mi air ais dhan t-seòmar-teagaisg. Bha a’ chlann a’ faighinn spionnadh o Ghàidhlig agus bha e inntinneach a bhith faicinn an adhartais a bha iad uile a’ dèanamh, balaich is nigheanan le comasan eadar-dhealaichte. Bha iad son a bhith foillseachadh nan sgilean cànain a bha iad air a thogail agus son rudan ùra fheuchainn. Bha sinn fortanach gu robh e comasach Gàidhlig a thairgse tron sgoil gu lèir o P1 gu P7. Thug seo beagan duilgheadais dhomh. Ma bha sinn a’ tairgse Gàidhlig aig ìre thràth bhiodh teans ann gum biodh Gàidhlig mhath aca mus ruigeadh iad P7. Gus cumail suas ris an adhartas aca agus gu bhith ann an suidheachadh far an toirinn dùbhlan dhaibh, rinn mi An Cùrsa Inntrigidh ann an Sabhal Mòr Ostaig. Thug e ochd mìosan deug.
Tha Gàidhlig a-nis air a stèidheachadh an curraicealam na sgoile againn. Tha tuigse mhath aig a’ chloinn air bunasachd na cànain agus tha sinn air a bhith soirbheachail ann an caochladh dhòighean. Fhuair sinn duaisean son dràma Gàidhlig aig Mòdan ionadail is nàiseanta. Tha feadhainn den chloinn againn a’ frithealadh Fèis bhliadhnail an Òbain agus Còisir Sgìre Earra-Ghàidheal.