Gabh an Cothrom
Eisimpleirean


Yvonne Gunn Yvonne Gunn

Tidsear Ard-sgoile (Gàidhlig)

Chuir mi seachad còig bliadhna ann an Obar Dheathain a’ dèanamh ceum le urram ann an Gàidhlig agus an dèidh sin teisteanas teagaisg aig a’ Cholaiste a Tuath.  An dèidh ceumnachadh ann an 2001, thàinig mi a dh’obair ann an Àrd-Sgoil Thobar Mhoire ann am Muile far am bi mi a’ teagasg Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh agus fileantaich o AS1 gu Àrd-ìre Adhartach.  Tha gach latha eadar-dhealaichte agus bidh mi tric ag ionnsachadh rudan ùra.  Tha an obair air mòran eòlais is chothroman a thoirt dhomh, a bharrachd air dùbhlain!

Tha e cudromach a bhith air do dheagh eagrachadh agus do leasain ullachadh gu math.  Ach feumaidh tu cuideachd a bhith sùbailte oir thig ort aig amannan do phlana leasain atharrachadh.  Feumaidh tidsearan a bhith dealasach agus tha mi cinnteach gu bheil seo a’ toirt spionnaidh dha na sgoilearan.  Feumaidh tu nàdar àbhachdach – thèid rudan ceàrr aig amannan ach cha tusa as coireach.  Uaireannan, bidh e doirbh smachd a chumail air na clasaichean agad ach feumaidh tu a bhith cruaidh is cothromach.

Chan eil teagasg furasta: tha e caochlaideach agus duilich aig amannan agus chan eil d’ obair seachad aig 3.30 feasgar a h-uile latha mar a shaoileas cuid!

Tha e a’ toirt toileachais dhomh a bhith a’ teagasg mo chiad chànan fhèin agus tha mi moiteil às.  Seo am prìomh adhbhar a chur mi romham a bhith a’ teagasg.  Tha mi mothachail cho fortanach ’s a tha mi fhìn a bhith dà-chànanach agus tha a’ teagasg Gàidhlig a’ toirt cothroim dhomh daoine eile a chuideachadh air an t-slighe sin.  ’S toigh leam clann fhaicinn a’ conaltradh ri chèile anns a’ Ghàidhlig. 

Tha mi cho pròiseil gu bheil mi air pàirt a chluich ann a bhith a’ beòthachadh ùidh sgoilearan ann an ionnsachadh cànain agus ann an cultar na Gàidhlig.  Anns an àm ri teachd, bhithinn air mo dheagh dhòigh nan cluinninn gu bheil iadsan cuideachd a’ teagasg na Gàidhlig!