Gabh an Cothrom
Eisimpleirean


Yvonne ForrestYvonne Forrest

Tidsear Bun-sgoile air Gàidhlig dha Luchd-ionnsachaidh anns na Bun-sgoiltean 

’S mise Yvonne Forrest. Tha mi à Dùn Èideann agus tha mi air a bhith teagasg son còrr is còig bliadhna fichead. Tha mi pòsta agus tha dithis mhac agam a tha air fàs suas.

Aig an àm seo tha mi a’ teagasg a’ churraicealaim àbhaistich do chlas P4/5 ann am Bun-sgoil Stenhouse an Dùn Èideann agus Gàidhlig pàirt den t-seachdain do P5-7. Tha club an dèidh na sgoile againn son feadhainn a b’ àbhaist a bhith anns an sgoil – agus a tha a-nis anns an Àrd-sgoil – a bha deònach cumail orra ag ionnsachadh Gàidhlig ach aig nach robh cothrom sin a dhèanamh.

Tha mi an-dràsta air m’ fhastadh gus Gàidhlig a theagasg do bhuidheann eile an Dùn Èideann, clasaichean P5 à ceithir sgoiltean fa leth. Uile gu lèir, còrr is 380 ag ionnsachadh Gàidhlig. ’S e 2008-2009 an treas bliadhna a bhios mi a’ dèanamh seo agus tha e a’ toirt toileachadh mòr dhomh a bhith a’ toirt eòlas air a’ chànan do chloinn air feadh a’ bhaile.

Dh’ionnsaich mo sheanmhair dhomh cunntais ann an Gàidhlig nuair a bha mi mu ochd bliadhna a dh’aois agus bha meas riamh agam air fuaim nam faclan. Nuair a dh’fhàs a’ chlann agam suas, bha mi son rudeigin ùr ionnsachadh agus rinn mi caochladh chùrsaichean Gàidhlig aig diofar ìrean ann an clasaichean oidhche.

An dèidh sin rinn mi An Cùrsa Inntrigidh air astar à Sabhal Mòr Ostaig. Choisinn mi A ann an Gàidhlig aig Àrd-ìre an dèidh a bhith ann an Colaisde Telford an Dùn Èideann ann an 2006, agus fhuair mi brosnachadh agus taic chunbhalach on luchd-obrach ann an Stenhouse agus o Sheòras Reid ann an Roinn Foghlaim Dhùn Èideann, a dh’iarr orm an cùrsa Gàidhlig anns a’ Bhun-sgoil a dhèanamh ann an Glaschu còmhla ri Màiri NicFhionghain ann an 2004.

Bha an trèanadh seo glè thlachdmhor agus thug e dhomh bun-stèidh daingeann son na h-obrach a tha mi dèanamh le clann – saothair a tha glè thrang, le cleasan, òrain is mòran eadar-oibre. Tha seo a’ còrdadh ris a’ chloinn agus tha e math dha-rìribh a bhith cluinntinn ‘Feasgar math!’ air an raon-chluiche!