Elaine NicFhearghais’S ann à Ceap Breatainn a tha mise o thùs, agus chuala mi pailteas Gàidhlig anns a’ bhaile anns an do thogadh mi, ach cha robh facal Gàidhlig agam nuair a phòs mi Sgitheanach ann an 2002. Ghluais mi dhan Eilean Sgitheanach agus rinn mi an Cùrsa Comais fad bliadhna ann an Sabhal Mòr Ostaig. Mar phàirt den chùrsa bha mi ag obair son trì seachdainean ann am Bun-sgoil Shlèite. Chòrd seo rium cho mòr agus gu robh mi cinnteach gun còrdadh teagasg mar dhreuchd rium.
Gu fortanach, bha Oilthigh Obar Dheathain air tòiseachadh air a’ chùrsa PGDE (ionnsachadh aig astar) a cheadaich dhomh fuireach aig an taigh anns an Eilean Sgitheanach fhad ’s a bha mi a’ dèanamh a’ chùrsa. Bha a h-uile greis teagaisg a rinn mi anns an eilean agus fhuair mi eòlas air iomadh sgoil. Thug an cùrsa dà bhliadhna agus tha mi a-nise ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a’ dèanamh mo bhliadhna-deuchainn.
B’ e dùbhlan mòr a bh’ann aig toiseach na bliadhna. Tha mi teagasg clas P1-P7 agus, ged nach eil ann ach deichnear chloinne, chan eil e furasta! Ach sin mar a tha e ann an sgoiltean beaga nan eilean agus tha e math a bhith ag ionnsachadh agus ag obair air caochladh phàirtean den a’ churraicealam. Bidh mi deiseil airson ìre sam bith an ath-bhliadhna!
Tha a’ bhliadhna seo a’ còrdadh rium gu mòr. Ged a bha lathaichean fada agam anns an Lùnastal agus anns an t-Sultain tha an obair air fàs nas fhasa agus na h-uaireannan nas giorra. Coltach ris a h-uile neach-deuchainn, tha tè gam chuideachadh anns an t-seòmar-teagaisg agus tha i math dha-rìribh. Tha i gabhail a’ chlas nuair a dh’fheumas mi ùine son leasan ullachadh agus a’ tuigsinn nan dùbhlan ris a bheil mi a’ gleac. Tha sinn a’ coinneachadh a h-uile seachdain son còmhradh mu gach iomadh dòigh anns an urrainn dhi mo chuideachadh.
Chan eil mi cinnteach dè an seòrsa obrach a bhios romham an ath bhliadhna, ach tha mi son fuireach a’ teagasg, gun teagamh sam bith. Ged a tha an obair gad dhèanamh sgìth aig amannan, tha gach latha eadar-dhealaichte agus tha a’ chlann mìorbhaileach. Chan eil faireachadh sam bith cho math ri bhith a’ faicinn an adhartais a rinn cuideigin ann am matamataig ann am P1 no rud sònraichte a sgrìobh cuideigin ann am P7. ’S e urram a th’ann a bhith toirt buaidh mar seo air beatha clann òga.