Pòl Cassidy’S mise Pòl Cassidy agus tha mi còig bliadhna fichead a dh’aois. Tha mi a’ teagasg anns a’ bhun-sgoil ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Rugadh agus thogadh mi ann an Glaschu. Thog mi Gàidhlig aig an taigh nuair a bha mi beag, ach chaill mi mòran dhith nuair a bha mi fàs suas. Ged a bha beagan Gàidhlig agam cha robh de mhisneachd agam na chleachdadh i.
Nuair a dhùin an sgoil agam aig deireadh na ceathramh bliadhna agam chaidh mi do dh’Àrd-sgoil Chnuic na Pàirce agus fhuair mi a-mach gu robh aonad Gàidhlig aca an sin. Thòisich mi ag ionnsachadh a-rithist agus dh’fhàs mi na b’ fhileanta. Nuair a dh’fhàg mi an sgoil chaidh mi do dh’Oilthigh Shrath Chluaidh far an do rinn mi ceum ann am Fraingis is Spàinnis le beagan Gàidhlig. B’ i Mona NicUilleim tè de na h-òraidichean Gàidhlig. Bha fios agam gu robh i ag obair air na cùrsaichean teagaisg ann an Cnoc Iòrdain agus dh’iarr mi comhairle oirre mu dhèanamh cùrsa Gàidhlig. Bha i glè thaiceil agus chuir mi a-steach tagradh airson a’ chùrsa. Shoirbhich leam aig an agallamh agus chaidh mi air a’ chùrsa. ’S e obair chruaidh a bh’ann ach tha mi toilichte gun do rinn mi e. Tha mi air a bhith teagasg son dà bhliadhna a-nise. An-dràsta tha mi teagasg clas P7 agus tha e a’ còrdadh rium uabhasach math. Nach ann agam a tha an obair mhìorbhaileach!!!!