Gwen CulbertsonTha mi air a bhith nam cheannard-sgoile air Bun-sgoil Shlèite o Fhaoilleach na bliadhna seo (2008). Tha mi air mòran ionnsachadh anns an ùine sin agus tha an dreuchd a’ còrdadh rium fìor mhath. Tha gach latha cho eadar-dhealaichte agus tha an luchd-obrach, a’ chlann agus na pàrantan air a bhith glè thaiceil on a thòisich mi.
Thogadh mi fhèin agus mo pheathraichean ann an dachaigh dhà-chànanach agus fhuair sinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Nis. Nuair a dh’fhàg mi Acadamaidh Allt na Muilne thòisich mi air ceum le urram ann an Sabhal Mòr Ostaig agus ann an dòigh cha do dh’fhàg mi an t-eilean on uair sin. An dèidh SMO fhuair mi ionnsachadh son teisteanas teagaisg ann an Cnoc Iòrdain fad naoi mìosan, a bha doirbh aig amannan ach dh’ionnsaich mi mòran. Bha cothrom agam teagasg tro Bheurla agus tro Ghàidhlig agus ann an sgoiltean a bha cho eadar-mheasgte gu sòisealta seach an fheadhainn ris an robh mi cleachdte – cothrom iongantach!
Thòisich mi a’ teagasg o chionn ceithir bliadhna fo stiùireadh Iseabail Gilroy ann am Bun-sgoil a’ Mheadhain an Inbhir Nis agus an uair sin fo Ghòrdan Wyness ann am Bun-sgoil an Ath Leathainn. ’S e cothrom ionnsachaidh mìorbhaileach a bha an seo, a cheadaich dhomh mo sgilean mar thidsear a leasachadh.
Mar thè de na chiad sgoilearan a thàinig tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig gu bhith nam neach-teagaisg agus an uair sin nam cheannard-sgoile – ’s dòcha a’ chiad tè a fhuair foghlam tro mheadhan na Gàidhlig – tha beachdan glè eadar-dhealaichte agam a-nis mu dè tha againn an-diugh agus dè tha romhainn.
Bha ùidh riamh agam ann an teagasg, gu h-àraidh ann an Gàidhlig – an cultar, an ceòl agus a’ chànan – agus anns an obair seo tha cothrom agam a bhith an sàs annta sin a h-uile latha le clann òga a tha misneachail is beothail. Chan eil nì air thalamh coltach ris!