Coimhead air an làrach-lìn ann am Beurla
Cuir FiosCeanglaichean
Tidsearan le misneachd don ath ghinealach

Eisimpleirean

Chìthear grunn eisimpleirean gu h-ìosal de dhaoine a tha a’ teagasg Gàidhlig an-dràsta agus iad ag innse mar a tha e a’ còrdadh riutha.

Icon

Pòl Cassidy

’S mise Pòl Cassidy agus tha mi còig bliadhna fichead a dh’aois. Tha mi a’ teagasg anns a’ bhun-sgoil ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Rugadh agus thogadh mi ann an Glaschu.
Faigh a-mach tuilleadh

Icon

Gwen Culbertson

Tha mi air a bhith nam cheannard-sgoile air Bun-sgoil Shlèite o Fhaoilleach na bliadhna seo (2008). Tha mi air mòran ionnsachadh anns an ùine sin agus tha an dreuchd a’ còrdadh rium fìor mhath.
Faigh a-mach tuilleadh

Icon

Elaine NicFhearghais

’S ann à Ceap Breatainn a tha mise o thùs, agus chuala mi pailteas Gàidhlig anns a’ bhaile anns an do thogadh mi, ach cha robh facal Gàidhlig agam nuair a phòs mi Sgitheanach ann an 2002
Faigh a-mach tuilleadh

Icon

Yvonne Forrest

’S mise Yvonne Forrest. Tha mi à Dùn Èideann agus tha mi air a bhith teagasg son còrr is còig bliadhna fichead. Tha mi pòsta agus tha dithis mhac agam a tha air fàs suas.
Faigh a-mach tuilleadh

Icon

Yvonne Gunn

Chuir mi seachad còig bliadhna an Obar Dheathain a’ dèanamh ceum le urram ann an Gàidhlig agus an dèidh sin teisteanas teagaisg
Faigh a-mach tuilleadh

Icon

Jan Kersel

’S ann às a’ Chuimrigh a tha mi o thùs, ach tha mi air a bhith fuireach an Alba o chionn ochd bliadhna fichead agus air a’ chost an Iar son seachd bliadhna deug.
Faigh a-mach tuilleadh

Icon

Angela NicDhòmhnaill

Haidh. Tha mise à Stafainn san Eilean Sgitheanach, far an do thogadh mi ann an teaghlach Gàidhlig agus far an deach mi do dh’Àrd-sgoil Phort Rìgh.
Faigh a-mach tuilleadh

Icon

Catrìona Stiùbhart

Rugadh is thogadh mi ann an Nis an Eilean Leòdhais. Mar mòran de chloinn a’ tòiseachadh anns an sgoil (ged nach eil cuimhne agam air an seo) ’s e fìor bheagan Beurla a bh’ agam. ’S i Gàidhlig mo chiad chànan.
Faigh a-mach tuilleadh