’S e sgeulachd shònraichte agus shoirbheachail an Alba a th’ann am foghlam Gàidhlig agus tha e mar phrìomh phàirt de obair Bòrd na Gàidhlig, air a bheil uallach son a bhith brosnachadh cànan, foghlam is cultar na Gàidhlig air feadh Alba, fo chùmhnantan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Le Manaidsear Foghlaim, Oifigear Trusaidh Luchd-teagaisg Gàidhlig, agus Ro-innleachd Nàiseanta son Foghlam Gàidhlig, tha am Bòrd a’ cur romhpa barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu Gàidhlig a theagasg, agus feadhainn a tha sean is òg a bhrosnachadh gu Gàidhlig ionnsachadh.
Mheudaich an t-iarrtas son Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig nuair a thòisich clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-sgoil Sir Iain Maxwell an Glaschu agus Bun-sgoil a’ Mheadhain an Inbhir Nis ann an 1985. Tha ùghdarrasan ionadail an Alba a’ clàradh meudachadh cunbhalach ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Aig an àm seo tha 718 de chloinn fo aois sgoile a’ faighinn foghlam Gàidhlig. Tha Comhairle nan Sgoiltean Àraich (CNSA) a’ cumail Cròileagain agus a’ lìbhrigeadh ionnsachadh òg, ach ged a tha iad ag ràdh gu bheil 108 buidheann air an clàradh air feadh Alba, chan eil fios le cinnt againn dè an àireamh chloinne a tha anns na buidhnean sin.
Tha 2,161 de chloinn ann am foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig aig an àm seo. Tha an àireamh a tha dèanamh Gàidhlig (Fileantaich) anns an àrd-sgoil air a dhol suas gu 968. Ach, ged a tha an àireamh – 322 – a tha ag ionnsachadh chuspairean eile tro mheadhan na Gàidhlig air meudachadh, tha dùbhlan romhainn gus dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile neach ann an àrd-sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig air raon de chuspairean a dhèanamh ann an Gàidhlig. Tha na h-àireamhan son Foghlam Gàidhlig do Luchd-ionnsachaidh a’ sìor fhàs, le 2,733 air an clàradh mar luchd-ionnsachaidh ann an àrd-sgoiltean air feadh Alba.
Foghlam Ro-sgoile
Tha Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig son clann fo aois sgoile mar as trice ri fhaighinn ann an goireasan a tha air an ruith le comhairlean am broinn no ceangailte ri sgoiltean a tha lìbhrigeadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Glè thric ’s e an roinn shaor-thoileach a tha a’ làimhseachadh Gàidhlig aig an aois seo agus mar as trice ’s ann tro Pàrant agus Pàiste – buidhnean de phàrantan agus clann bheaga agus buidhnean-cluiche Cròileagain a tha faighinn taic bho Chomhairle nan Sgoiltean Àraich (CNSA), am buidheann nàiseanta ris a bheil iad seo an urra.
Foghlam Bun-sgoile
Tha sgoiltean Gàidhlig a-mhàin ann an Glaschu ’s an Inbhir Nis a-nise ach anns na sgìrean eile gu lèir tha Gàidhlig air a teagasg ann an roinnean Gàidhlig taobh a-staigh sgoiltean Beurla.
Tha e mar amas aig teagasg tro mheadhan na Gàidhlig aig an aois seo dèanamh cinnteach gum fàg a’ chlann an sgoil leis an aon ìre fileantachd ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Tha seo air a choileanadh le bhith cleachdadh Gàidhlig son conaltradh mun a h-uile cuspair – modh làn-bhogaidh fad P1 agus P2. Ann am P3 thathar a’ tòiseachadh air leughadh is sgrìobhadh ann am Beurla, ach ’s e Gàidhlig am prìomh chànan teagaisg anns an t-seòmar-teagaisg.
Foghlam Àrd-sgoile
Tha gainnead thidsearan a tha uidheamaichte ri choireachadh ann an dòigh son cho mall ’s a tha meudachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a bhith aig ìre àrd-sgoile, ceist a thathar a’ freagairt a-nis le raon de iomairtean ùra. Ge-tà, faodaidh clann an-dràsta Gàidhlig son fileantaich ionnsachadh, no cuspairean eile anns an àrd-sgoil a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha Ùghdarras Theisteanas na h-Alba, an SQA, a’ tairgse dheuchainnean ann an Gàidhlig ann an cuspairean mar matamataig, cruinn-eòlas, nuadh-eòlas agus eachdraidh.
Maoineachadh on Riaghaltas
Tha Riaghaltas na h-Alba air maoin a chur anns an iomairt Gàidhlig dha Luchd-ionnsachaidh anns na Bun-sgoiltean, son beagan oideachaidh ann an Gàidhlig a thoirt do chloinn air feadh Alba gu lèir. Chan eil àireamhan mionaideach rim faighinn fhathast son dèanamh a-mach cia mheud a tha a’ gabhail brath air an sgeama seo. Ach thathar a’ smaoineachadh gu bheil mu 6,000 clann-sgoile air an teagasg tron iomairt.
Tha an Sgeama Thabhartasan Sònraichte son Gàidhlig air a bhith cudromach ann a bhith a’ leudachadh ’s a’ leasachadh foghlam Gàidhlig agus tro mheadhan na Gàidhlig anns an fhichead bliadhna a chaidh seachad, agus tha e cuideachd nas fhasa na goireasan a tha deatamach son a’ churraicealaim a dhèanamh tro Stòrlann, an t-Ionad Nàiseanta son Ghoireasan Foghlaim Gàidhlig. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ moladh Riaghaltas na h-Alba son tighinn chun a’ cho-dhùnaidh an sgeama tabhartais seo a chumail a’ dol anns na bliadhnaichean a tha romhainn, mar sin a’ dèanamh cinnteach gun urrainn dhan a’ Bhòrd obrachadh còmhla ri ùghdarrasan foghlaim ionadail gus foghlam Gàidhlig a leudachadh agus gus dèanamh cinnteach gun cuir goireasan teagaisg tacsa ris an leudachadh seo.
Thug Riaghaltas na h-Alba cuideachd airgead do Bhòrd na Gàidhlig son Oifigear Trusaidh Luchd-teagasg Gaidhlig fhaotainn son gabhail os làimh freagairt fhaighinn do ghainnead luchd-teagaisg Gàidhlig. Tha an t-Oifigear seo ag obair an co-bhuinn ri sgoiltean, colaistean agus oilthighean, buidhnean dreuchd agus luchd-treòrachaidh dhreuchdan, gus aire a thoirt gu cothroman teagaisg ann an Gàidhlig agus gu roghainnean co-cheangailte a thaobh dhreuchdan teagaisg. Tha e mar phrìomh phàirt de obair an Oifigeir dlùth cheangal a chumail ris na h-ionadan a tha tairgse foghlam thidsearan. Anns an Lùnastal 2008, tha còignear thidsearan bun-sgoile agus còignear thidsearan àrd-sgoile a’ tighinn dhan dreuchd. Tha e coltach aig an ìre seo gun deach gabhail ri 18 oileanach bun-sgoile ann an Oilthigh Shrath Chluaidh/Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean ach chan eil fiosrachadh againn mu oileanaich àrd-sgoile aig an àm seo.
A-nis le sgoiltean Gàidhlig a-mhàin air an stèidheachadh gu soirbheachail an Glaschu ’s an Inbhir Nis, tha an doras fosgailte do dh’ùghdarrasan ionadail eile an dearbh rud a dhèanamh. Mar a tha slighean ùra son teagasg a’ fosgladh, tha an t-àm seo air leth deatamach son faighinn a-mach ciamar as urrainn dhut an ath ghinealach de luchd-labhairt na Gàidhlig oideachadh, a’ cuideachadh gus cànan is cultar iongantach na h-Alba a ghleidheadh tèarainte.
Clàr 1.1 – Àireamhan clàraichte bhon Ùghdarras Ionadail a thaobh foghlam Gàidhlig ro-sgoile
Clàr 1.2 – Àireamhan clàraichte bhon Ùghdarras Ionadail a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil
Clàr 1.3 – Àireamhan clàraichte bhon Ùghdarras Ionadail a thaobh Gàidhlig san àrd-sgoil
Clàr 1.4 – Àireamhan clàraichte bhon Ùghdarras Ionadail a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil
Clàr 1.5 – Àireamhan clàraichte bhon Ùghdarras Ionadail a thaobh Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil
Clàr 1.6 – Àireamhan clàraichte bhon Ùghdarras Ionadail a thaobh Luchd-teagaisg na Gàidhlig ann an Alba





