Siuthad Gabh an Cothrom agus Thig a Theagasg!

’S e sgeulachd shònraichte agus soirbheachail a th’ann am foghlam Gàidhlig agus tha cothrom agadsa a bhith aig cridhe an ath earrann den sgeul.

Air an làrach seo gheibh thu fiosrachadh sònraichte agus mionaideach mu na cùrsaichean agus taic-airgid a tha ri fhaighinn, agus cothroman obrach a tha rin lìonadh.

Ma tha thu an sàs ann am foghlam an-dràsta, a’ beachdachadh a bhith nad thidsear no a’ teagasg mar-thà, tha pailteas chothroman ann am foghlam Gàidhlig. 

Siuthad Gabh an Cothrom agus Thig a Theagasg!

Cothroman Obrach

Dreuchdan-taic

Neach-taic ionnsachaidh – An t-Eilean Sgitheanach

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ sireadh Neach-taic ionnsachaidh airson an t-Eilean Sgitheanach.  ‘S e dreuchd sealach a tha seo airson 10 uairean a thìde san t-seachdain agus bidh i stèidhichte ann am Bun-Sgoil Shlèite sa chiad dol a-mach.  Tha comasan sgrìobhaidh, leughaidh agus labhairt ann an Gàidhlig deatamach airson na dreuchd seo.  Airson tuilleadh fiosrachaidh cliog an seo.  Ceann là: 23 Am Faoilleach 2012.


Sgoil-àraich

Bun-Sgoil

Tidsear Meadhan na Gàidhlig – Sgoil Thiriodh

Thathas a’ sireadh Tidsear bun-sgoile airson Sgoil Thiriodh. ‘S ann airson còmhdach fòrladh màthaireil a tha seo a’ tòiseachadh san Fhaoilleach 2012.  Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh brath gu Ceannard na Sgoile Myra McArtur: 01879220795, .(JavaScript must be enabled to view this email address)


Luchd-teagaisg Eadar-amail Comhairle Pheairt is Cheann Rois

Tha Comhairle Pheairt is Cheann Rois a’ lorg luchd-teagaisg bun-sgoile a tha fileanta ann an Gàidhlig agus aig a bhiodh ùidh ann a bhith ag obair gu h-eadar-amail ann am bun-sgoiltean na sgìre.  Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Chris Deplano, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig air F: 01738 477869 no p-d: .(JavaScript must be enabled to view this email address)


Tidsear Bun-Sgoile (Sealach) – Acadamaidh nan Gàidheal, Grianaig

Tha Comhairle Inbhir Chluaidh a’ sireadh tidsear bun-sgoile airson Acadamaidh nan Gàidheal ann an Grianaig.  ‘S e dreuchd sealach a tha seo dhan Dùbhlachd 2011, no nuair a thilleas an neach aig a bheil an dreuchd air ais bho fòrladh màthaireil.  Airson tuilleadh no airson cuir a-steach airson na h-obrach cliog an seo.


Tidsear Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig (eadar-amail) - Bun-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Tha Comhairle Bhaile Ghlaschu a’ sireadh luchd-teagaisg a bhiodh ri fhaotainn airson obair eadar-amail aig Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Feumar a bhith fileanta agus litearra sa Ghàidhlig airson nan dreuchdan seo. Airson tuilleadh fiosrachaidh cur fios gu ceannard na sgoile an Dr Donalda NicComb air 0141 276 8500. Mus tèid dreuchd a dhearbhadh nithear làn-sgrùdaidh a-thaobh clàran-eu-coireach tro Disclosure Scotland.


Àrd-Sgoil

Tidsear Gàidhlig – Àrd-Sgoil Sheumais Ghillespie

Tha Comhairle Bhaile Dhùn Èdieann a’ lorg tidsear Gàidhlig airson Àrd-Sgoil Sheumais Ghillespie.  Feumar a bhith fileanta agus literra sa Ghàidhlig airson na dreuchd seo.  Dh’fhaodadh gum biodh an comas cuspairean eile a theagasg tro mheadhan na cànain na bhuannachd.  Mus tèid dreuchd a dhearbhadh nithear sgrùdadh tron sgeama PVG . Airson tuilleadh fiosrachadh cliog an seo.  Ceann-là: 27 Am Faoilleach 2012.


Tidsear Gàidhlig – Àrd Sgoil Loch Abar

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ lorg tidsear Gàidhlig airson Àrd-Sgoil Loch Abar.  Gheibhear foirmean tagraidh bho: Seirbheis Foghlaim, Cultar is Spòrs, Aonad Fastaidh, Ionad Inbhir Pheofharain, Rathad Pàirc an Iubailidh, Inbhir Pheofharain,  IV15 9QZ , Àireamh-fòn 01349 868660 (Seirbheis freagairt 24 uairean)  Mus tèid dreuchd a dhearbhadh nithear làn-sgrùdadh a thaobh clàran eucoireach tro Disclosure Scotland.


Tidsear Gàidhlig – Àrd-sgoil Ìle

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ sireadh tidsear Gàidhlig làn-ùine airson Àrd-sgoil Ìle.  Airson tuilleadh fiosrachaidh gliog an seo no cuir fios gu Dòmhnall MacLeòid air 01631 564908 no tro phost-dealain: .(JavaScript must be enabled to view this email address)